   1.  Agus bha an talamh uile de aon teanga, agus na h-aon fhacail aig gach neach.
   2. Agus nuair a bha iad air an turas on àird an ear, fhuair iad còmhnard ann an talamh Shinair; agus ghabh iad còmhnaidh an sin.
   3. Agus thubhairt iad gach aon ri chèile, Thigibh, dèanamaid clachan-creadha, agus làn-loisgeamaid iad. Agus bha a' clach-chreadha aca airson cloiche, agus bha làthach aca airson aoil.
   4. Agus thubhairt iad, Thigibh, togamaid dhuinn fhèin baile, agus tùr, aig am bi a mhullach a' ruigheachd gu nèamh; agus dèanamaid dhuinn fhèin ainm, air eagal gun sgaoilear o chèile sinn air aghaidh na talmhainn uile.
   5. Agus thàinig an Tighearna a-nuas a dh'fhaicinn a' bhaile agus an tùir, a thog clann nan daoine.
   6. Agus thubhairt an Tighearna, Feuch, is aon sluagh a tha ann, agus aon teanga aca uile; agus thòisich iad air seo a dhèanamh: agus a-nis cha bhacar dhiubh nì air bith a smaoinich iad a dhèanamh.
   7. Thigibh, rachamaid sìos, agus cuireamaid an cainnt an sin thar a chèile, a-chum is nach tuig iad cainnt a chèile.
   8. Mar sin sgaoil an Tighearna iad uaithe sin air aghaidh na talmhainn uile: agus sguir iad de thogail a' bhaile.
   9. Uime sin thugadh Bàbel mar ainm air; do bhrìgh ann an sin gun do chuir an Tighearna thar a chèile cainnt na talmhainn uile: agus uaithe sin sgaoil an Tighearna iad air aghaidh na talmhainn uile.

Tha gach uile dhuine air a bhreth saor agus co-ionnan ann an urram 's ann an còirichean. Tha iad air am breth le reusan is le cogais agus mar sin bu chòir dhaibh a bhith beò nam measg fhein ann an spiorad bràthaireil.

'S e Sabhal Mòr Ostaig an aon cholaiste an Alba far am faodar cùrsaichean ceuma a ghabhail tro mheadhan na Gàidhlig air fad. Chaidh an ullachadh airson làn chothrom a thoirt do dh'oileanaich fàs fileanta sa chànan agus tuigse fhaighinn air suidheachadh na Gàidhlig san t-saoghal mhòr ann an eachdraidh agus san latha an-diugh.

A chionn 's gu bheil na cùrsaichean làn-thìde gan teagasg tro mheadhan na Gàidhlig, feumaidh comas air choireigin anns a' chànan a bhith aig oileanaich mus tòisich iad. Bu chòir do fhior luchd-tòiseachaidh smaoineachadh air cùrsaichean goirid na Colaiste no an cùrsa air astar, An Cùrsa Inntrigidh. Tha Poileasaidh Cànain aig a' Cholaiste agus thathar an dùil gum bruidhinn oileanaich anns a' Ghàidhlig, gu h-àraidh air àrainn na Colaiste. Gheibh oileanaich taic agus brosnachadh bhon luchd-obrach agus bho na h-oileanaich eile nuair a tha sin a dhìth. 

Dearbhadh
Mar phàirtiche ann an Institiùd OGE nam Mìle Bliadhna, tha cùrsaichean ceuma Sàbhal Mòr Ostaig air an dearbhadh le Open University Validation Services (OUVS). 'S e an Scottish Qualifications Authority (SQA) a bhios a' toirt seachad Teisteanasan Foghlaim Àrd-Ìre. Bidh an Quality Assurance Agency (QAA) a' dèanamh sgrùdaidh air an dà chuid airson deagh-ghnè. Bho àm gu àm, bidh na buidhnean neò-eisimeileach seo a' dèanamh sgrùdaidh air a' Cholaiste agus a cuid shiostaman airson teagaisg agus ionnsachaidh, a' dèanamh cinnteach gu bheil oileanaich a' faighinn teagasg aig inbhe fhreagarrach agus gu bheil na teisteanasan a tha gan toirt seachad co-ionnan ri teisteanasan cholaistean is oilthighean eile.

Bliadhna na Colaiste
Airson oileanach air Sgeama na Gàidhlig is Chuspairean Co-cheangailte, bidh bliadhna na Colaiste a' ruith bhon dàrna seachdain den t-Sultain gu meadhan a' Chèitein, ach bu chòir do dh'oileanaich bruidhinn ris an Oifigear Inntrigidh airson dèanamh cinnteach às a seo. Bidh Seachdain nan Oileanach ga cumail mus tòisich na clasaichean, a' cur fàilte air na h-oileanaich ùra. Gheibh oileanaich an cothrom eòlas a chur air càch a chèile, air an àite, an luchd-obrach, goireasan agus gu leòr fealla-dhà am measg seo cuideachd.

Cothroman Sònraichte
Dealbh air oileanaich air an locha, mar phàirt de cùrsa fèin-leasachaidhTha cothroman sònraichte ann do dh'oileanaich an sgilean cànain is conaltraidh a dhaingneachadh agus am brosnachadh gus pàirt a ghabhail anns a' choimhearsnachd Ghàidhlig anns an fharsaingeachd.

Aig Ìre 1, bidh oileanaich a' dol air greis-ghnìomhachais a mhaireas trì seachdainean. Rè na tìde seo gheibh iad sealladh air obair làitheil ann am buidheann Ghàidhlig air choreigin, a' togail sgilean is eòlas ann an àrainn far a bheil a' Ghàidhlig ga bruidhinn. Faodaidh oileanaich an tìde a chur seachad ann am bunsgoiltean, le companaidhean telebhisein agus ioma-mheadhan, le buidhnean leasachaidh Gàidhlig is ealan, no faodaidh iad a dhol do choimhearsnachd Ghaidhealach a dh'obair le muinntir an àite mas e sin as miann leotha.

Aig Ìre 1 faodaidh oileanaich cuideachd seachdain a chur seachad air cùrsa fèin-leasachaidh, air falbh bhon Cholaiste. Bidh iad a' gabhail pàirt ann an spòrs air muir is air tìr is ann an cur-seachadan eile, airson eòlas a chur air a chèile agus am brosnachadh gus obair le chèile. Tha seo uile air a ruith tro mheadhan na Gàidhlig.

Nuair a ruigeas oileanaich a' bhliadhna urraim (Ìre 4) tha cothrom aca semeastar a chur seachad ann an Alba Nuadh, Canada, no ann an Èirinn. Mar thoradh air a' phrògram le ionadan mar Colaiste Oilthigh Cheap Breatainn agus Oilthigh Nàiseanta na h-Èireann, Maigh Nuad, tha cothrom anabarrach aig oileanaich barrachd fhaighinn a-mach mu shluagh, cruinn-eòlas agus eachdraidh an àite dhan tèid iad agus coimeas a dhèanamh eadar sin agus beatha Gàidheil na h-Alba.

Fàilte chridheil is seirbheis gu math tearc air ar Gàidhealtachd
Murchadh MacLe`oid

CHA mhise neach-turais àbhaisteach. Ach fhuair mi rud mì-thlachdmhor a-mach mun t-seòrsa seirbhis a bhios daoine a' faighinn nuair a thig iad gu na crìochan againne. Bho chionn faisg air cealla deug, chuir mi fios gu aon sia chompanaidhean a bhios a' toirt luchd-turais a-null a Hiort.

Dh'fhàg mi teachdaireachdan aig còig dhiubh, is cha do dh' fhònaig ach aon dhiubhsan air ais thugam. Siud agaibh seirbhis dhuibh.

Is chan eil càil a' choltas ann gu bheil mi nam aonar. Choinnich mi ri feadhainn ann an Glaschu is Dùn Èideann a dh'innis dhomh nach eil na h-Eileanan na a' Ghàidhealtachd a' toirt seachad fàilte mar a tha sinne a' smaoineachadh. Tha sinne mar sluagh ro dheònach a bhi a' smaoineachadh gu bheil sinn a' cur fàilte air luchd-turais leis gu bheil sinne a' bruidhinn Beurla riu is nach eil sinn a' goid an cuid chàraichean, mar a thachradh anns na bailtean mòra is Ghalldachd.

Chan e nach fhaighear deagh sheirbheis is fàilte chridheil air Ghàidhealtachd, gheibhear sin ceart gu leòr. Bhiodh fear a' bhanca air leabaidh tinneas nan innsinn dha dè na chaith mi de dh'airgead ann an Leòdhas anns a' chealla deug a bha mi aig an taigh. Ach son a h-uile h-àite far am faighear an leithid de sheirbheis mhath , tha àite eile ann far a bheileas cruaidh, coma, busach.

Chan eil fada bho choinnich mi ri fear a chaith seachdain ann an taigh air mhàil anns na h-Eileanan Siar. Cha robh càil ceàrr air an togalach na an àirneis-taighe. Ach nuair a chaidh e fhèin is a chèile a-steach, 's ann a thugadh sreath mhòr de riaghailtean dhaibh. Na rudan nach fhaodadh iad a dhèanamh, agus sreath eile de rudan a dh'fheumte a choilionadh cuideachd. Daoine a' pàigheadh son seirbheis agus iad a' coinneachadh ri ultach de àitheantan. Agus abair gu robh iad a' pàigheadh. Bha màil an taighe a' teannadh ri £400 anns an t-seachdain.

Ma thathas ag iarraidh an samhail sin bho dhaoine 's ann a shaoileadh tu gum biodh seirbhis is frithealadh ann dhaibh agus chan e riaghailtean is òrdaighean.

Saoileadh tu aig amannan gu bheil luchd-reic is feadhainn ann an gnìomhachas toilichte den bheachd gun do rinn iad a' chùis ort mura toirt iad càil seachad.

Tha cuimhne agam turas a bha mi a' feuchainn ri cearcall na cìse a cheannach dhan chàr agam air Ghàidhealtachd. Chaidh mi a-steach dhan phost is thurchairt e nach robh an oifis seo gan reic idir. Nuair a mhothaich an tè aig a' bhòrd dè bha mi ag iarraidh, thòisich i a' crathadh a cinn gu slaodach le fiamh mhòr ghàir air a h-aodann. Mar gum biodh i a' fanaid. Mar gum biodh i air buadhachadh, air a' chùis a dhèanamh air an salchair sin de dhuine a bha cho dàna is gun sùilicheadh e gum faigheadh e rudeigin, seirbhis smaoinich, a-staigh an seo.

Tha rudan eile ann. Thog fear a bha thall anns na h-Eileanan bho ghoirid gu bheil sanasan ann ag iarraidh air daoine feart a thoirt air an t-Sàbaid. Glè mhath, ach tha sin a' gabhail ris gu bheil fios aig daoine dè thathas a' ciallachadh leis an t-Sàbaid, agus dè thathas a' ciallachadh le feart na urram a thoirt dhan là sònraichte. Shaoileadh eileanaich gur dòcha nach biodh mìneachadh mar sin a dhìth air daoine. Ach mura biodh, cha bhiodh na sanasan a dhìth anns a' chiad dol-a-mach.

Thog fear eile an suidheachadh le Tràigh Bhorgh ann an ceann a deas na Hearadh. Tha e duilich an slighe a lorg gun tràigh is nuair a gheibh thu gun ionad son càraichean fhàgail, tha na geataichean air an dèanamh ann an dòigh a bheireadh a' chreidse air neach gur e àite prìobhaideach a th' ann. Ged nach e. Is dòcha nach ann a dh'aon ghnothaich a rinneadh sin, ach chan eil e a' coimhead coltach ri fàilte cheart chuideachail.

The e iongantach cho deònach is tha sinn ar cainnt is dòighean a chuir an neo-bhrìgh "gus an tuig daoine eile sinn." Is gu bheil sinn cho bochd a thaobh seirbheis a thoirt seachad is gu bheil sinn a' sàrachadh dhaoine. Mus faighnich sibh, bha mise modhail is cha do dh' iarr mi sgillig bhon luchd-turais a thàinig a choimhead orm ag obair anns a' mhòine.

Bha sinn cho fada nar tràillean is na h-uachdarain gar fuadachadh, is gu bheil sinn a-nis den bheachd gu bheil sinne cho math is nach bu chòir dhuinn a bhi a' lùbadh glùin na a' toirt seirbhis dha duine beò. Is dòcha cuideachd gu bheil sinn cho cleachdte sinn fhìn ri droch sheirbheis is nach toir sinn fhìn an rud truagh seachad cuideachd.

Is dòcha gu bheil sinn den bheachd nach eil e gu diofar is bu chòir dhuinn an car a thoirt às oir cha till iad co-dhiù. Bithear an dòchas gun till ge b' oil leinn.

COMA leibh na facail a tha a' tòiseachadh le F na as bith dè eile, chan eil turas saor-làithean dha na h-Eileanan an Iar a' ciallachadh ach am facal sin a tha a' tòiseachadh leis an litir M, mòine.

Sin a b' àbhaist a bhi ann co-dhiù. Bhiodh feadhainn a' tighinn bho air feadh an t-saoghail a dh'obair air a' mhòine. Neach sam bith a tha eòlach air obair Run-rig, bidh cuimhne air òran a dh'fhoillsich iad ann an 1989 mu bhodach Sgitheanach a thigeadh a-nall dhachaigh à Canada gach bliadhna a bhuain.

An-diugh, chan eil sinne mar sluagh a' dol 100 slat a bhuain, gun luaidh air na mìltean mhìltean.

Nuair a bha mi fhìn is mo bhràthair a-muigh a' togail 's ann a bha cùisean cho sàmhach. Cha robh ann ach a' ghaoth a' sèideadh, agus na caoraich a' meileadh, cha robh carbadan, cha robh fuaim, cha guth dhaoine eile ann. Cha robh duine eile ann ach an dithis againn.

Chan e a bh' ann a bharrachd nach robh sinn a-muigh aig an àm cheart. Chan fhaicear sgeul gu robh duine beò eile air a bhi a' buain na a' togail a bharrachd oirnn fhìn. Cha robh fàdan ùra rim faicinn, cha robh coltas air puill gun deach beantainn riu, chan robh pocannan, tairsgeir, spaid, na càil rim faicinn a-muigh air a' mhòinteach. Cha robh ann ach sinn fhìn.

Bha aon duine eile a bhuineadh dha baile mo phàrantan air a bhi a' buain am bliadhna.

Aon duine eile a bharrachd oirnne.

Ann am baile far an robh e uair na bu choltaiche gum beireadh tu air duine a muigh air a' mhòinteach na anns na taighean aca fhèin, tha a' mhòine air a dhol an dìochuimhn. Bha na caoraich a' coimhead oirnn mar gum biodh sinn air tighinn à saoghal eile, mar nach robh còir aig creutairean sam bith ach iad fhèin a bhi a-muigh an sin.

Chan ann a-mhàin dha caoraich a bha sinn nar n-annas. Bha sinn ag obair a-rithist air pòl air mòinteach Bharabhais, fhad is a tha an cothrom againn mus tig na muilnean-gaoithe, is stad luchd-turais gus coimhead ri na bha sinn a' dèanamh is gus mìneachadh fhaighinn air na bha a' dol air adhart.

Tha mi a-nis mar phàirt de taigh-tasgaidh. Bithear a' coimhead air na Gaidheil ris a' mhòine agus na cleachdaidhean neònach a th' againn.

B' e a' mhòine aon dòigh anns am faodaidh sinne mar Ghàidheil a bhi a' freagairt nan casaid bho na Goill nach bu chòir dhuinn a bhi idir ann air sgàth is nach robh Gàidhlig air samhail Zinedine Zidane, bolognese, na Novosibirsk. Cha chuala mi a-riamh mìneachadh ciamar a tha luchd na Beurla ag innse an diofar eadar rùdhan, aiseag is cruach nan cànan, na eadar caoran is fàd. Agus an dùil a bheil Beurla idir air riasg, anns an dòigh san coinnich daoine ris am broinn nam pòl.

Tuigidh neach sam bith carson nach eil sinne mar sluagh cho deònach tuilleadh a bhi a' dol a-mach dha na puill. 'S e obair chruaidh a th' ann. 'S e obair salach a th' ann. Tha thu a' stopadh do dhà làimh ann am pòl mì-chàilear agus fàileadh dìreach uamhasach aig co-dhiù na h-uibhir dheth. Tha thu a' crochadh air an aimsir. Feumaidh tu a dhol a-mach nuair a bhios tìde freagarrach ann. Chan eil càil a dh'fhios cuin a bhios sinn - rud a tha a' fàgail teagamh mu dheidhinn cuin as urrainn dhuit a dhol innte. Bidh na planaichean ag atharrachadh bho mhionaid gu mionaid a-rèir aimsir is cuileag. Ceistean ann cuideachd a bheil thu a' sàbhaladh na tha sin de dh'airgead, le na tha a' cosg de chonnadh dha càraichean is an leithid gu bhi a' dol a-mach a-rithist is a-rithist a dh'obair agus an stuth a thoirt dhachaigh aig a' cheann thall.

Tha roghainn ann eadar an saothair agus an uallach sin, agus a bhi a' suidhe staigh an taigh agus a' bruthadh putan gus an teas a chuir air. Coma leibh luath, coma leibh a bhi a' dol a-mach a dh'fhaighinn tiùrr eile ann an droch aimsir. Ged a dhèidheadh prìs na h-ola an àrd agus àrdachadh eile ann an dealan is gas, dè an diofar agus e mòran nas càilear na a bhi a' dol a-mach dhan uisge is dhan chuileag.

Mar a chanas iad anns a' chainnt eile, thathas air bhòtadh ler cuid làmhan is casan, 'S ann a tha sinn a' fàs coltach ris a h-uile duine eile. 

O bhlàths na maidne shamhraidh againne gu cruadal 's dòchas an cridhe Ameireaga
ISEABAIL T NICDHÒMHNAILL CEÒL ÙR

THA daoine eòlach air Caitlin NicAonghais á Uibhist a-Deas mar chleasaiche tàlantach a nochd ann an iomadh prògram 's film tro na bliadhnaichean, leithid Machair, Ran Dan, agus Seachd a bhathar a' filmeadh san Eilean Sgitheanach o chionn ghoirid. Tha ùidh mhòr aice ann an òrain cuideachd, 's o chionn ghoirid nochd i nas trice 's nas trice mar sheinneadair. Tha an guth aice caran eadar-dhealaichte on àbhaist, oir tha e ìseal, tùchanach - "dorcha" mar a theireadh luchd-dràma.

Air an CD ùr aice Òg Mhadainn Shamhraidh (Greentrax CD TRAX294) cluinnear taghadh farsainn dhe na h-òrain air a bheil meas aice. Tha an CD a' coimhead gu math snasail, le leabhran a tha soilleir, furasta ri leughadh, agus a tha làn de dh'fhiosrachadh mu na h-òrain agus cò ás a thàinig iad.

Se an t-òran-luaidh Bha mise raoir air an àirigh a chluinnear aig an fhìor thoiseach. Tha e air a ghabhail le spionnadh, agus le tuigse air buillean na Gàidhlig, a tha toirt togail math dha mar as còir. Am measg nan òran eile tha Jimmy, mo mhìle stòr - air eadar-theangachadh le Seonag Monk on Ghaeilge - agus Reul àlainn a' chuain, laoidh don Òigh Mhoire a chaidh eadar-theangachadh le Mgr Ailean Dòmhnallach.

Se eadar-theangachadh de The Twa Corbies a rinn Iain MacIllEathain, bràthair Shomhairle, a th' anns an òran mu dheireadh a th' air ainmeachadh air an CD, ach ma leigear leis an CD leantail air, cluinnear clàradh gu math annasach a' tighinn treis 'na dheaghaidh. Cha mhill mi an dìomhaireachd le bhith 'g ìnnse dè th' ann.

Mar a bhiodh dùil, tha grunn òran á Uibhist a-Deas ri'n cluinntinn. 'Nam measg tha feadhainn air a bheil sinn eòlach mar Òran na Cloiche aig Dòmhnall Ruadh Mac an t-Saoir (Bàrd Phàislig), agus Ciad fàilt air gach gleann le Dòmhnall Ailean Dòmhnallach.

Se Mìcheal Ruadh Mac a' Phearsain á Taobh a' Chaolais a rinn an cumha brèagha Òran Dhòmhnaill Phàdraig Iagain. Rinn e ri linn bàs athair Chaitlin e 's gun e ach glè òg. An iomadh dòigh tha an t-òran mar shamhla dhe na faireachdainnean a tha gu làidir tron CD gu lèir. Tha e dùrachdach, blàth, nàdarra, agus freumhaichte gu domhain am measg nan Gàidheal.

Se Heart of America an CD ùr aig Donaidh Rothach (Greentrax CDTRAX 291), agus tha e air leth tarraingeach. Tha corra òran ann air a bheil daoine eòlach cheana - leithid Gur tu mo chruinneag bhòidheach agus A Mhairead òg. Tha an dòigh anns a bheil an t-òran seo air a chur ris a' cheòl-taic annasach, oir tha Donaidh ga ghabhail gu socair, rèidh, 's ged tha an taic caran trang agus gluasadach, le sagsofon air a chleachdadh gu h-innleachdach, chan eil an taic idir a' gabhail thairis gu tur (mar a thachras ro thric air clàraidhean). Cluinnear Donaidh a' cur a dhreach fhèin air October Song le Robin Williamson cuideachd, 's air an òran àlainn Èireannach Raglan Road, air a bheil taic a tha fìor cheòlmhor.

Se Donaidh fhèin a rinn mòran dhe na h-òrain, 's tha iad a' dearbhadh gur e sgrìobhadair òran gu math sgileil, cruthachail a th' ann. Le fear a tha tòiseachadh "Cha till mi gu till a' mhurain", cha mhòr nach eil sinn an dùil ri òran a tha coimhead air ais le mulad, ach sann a tha e coimhead air adhart le dòchas agus misneach. Tha meas agus dìlseachd do chultar ann an cunnart a' tighinn troimhe gu làidir ann a Where the roses, a rinn Donaidh an dèidh dha tachairt ri dithis ghillean òga a bhuineadh dhan luchd-siubhail.

Sgrìobh e Heart of America (bhon tàinig ainm an CD) an dèidh dha bhith air cuairt tro thaobh an ear-thuath nan Stàitean Aonaichte. A bharrachd air ceistean fhaighneachd mu ìomhaigh Ameireaga tro na linntean, tha cuspairean a' nochdadh ann a th' air an togail feadh mòran de na h-òrain eile: eilthireachd, cruadal, dòchas. Chan eil na ceanglaichean agus na co-shamhlaichean ris a' Ghàidhealtachd uair sam bith a' dol á sealladh, 's tha sin gu sònraichte soilleir ann an Strangers to the Pine, a sgrìobh Donaidh còmhla ri Blàr Dùghlas.

Tha am fuaim air an CD gu math ùr agus innleachdach, ach tha an guth 's na h-ionnstramaidean daonnan soilleir, 's a' tighinn a rèir a-chèile gu h-ealanta ann an òrain a tha gu math eadar-dhealaichte a thaobh a' chiùil. Chaidh an clàradh a dhèanamh san Eilean Sgitheanach, san stiudio Vital Spark aig Chris Harley, le Chris fhèin mar riochdaire.

Bidh "Fèis Cheilteach Innse Gall" ann an Steòrnabhagh 12-15 Iuchar. Am measg na bhios a' gabhail pàirt, bidh Hothouse Flowers, Blazin' Fiddles, Buille, Afro Celt Sound System, Bodega, Teine, agus Dòchas. Fiosrachadh aig www.hebfest.com.

Tron Iuchar 's an Lùnastal bidh fèisean ann an iomadh cèarn de dh'Alba. Gheibhear clàr dhiubh aig www.feisean.org. Air an làrach sin cuideachd tha làn fhiosrachadh mu na "Cèilidhean air Chuairt" a bhios ri'n cluinntinn aig an aon àm. Bidh mòran ann dhiubh air feadh Loch Abar, Cataibh, Siorrachd Rois, an Eilein Sgitheanaich agus Loch Aillse.

Bidh Donaidh Rothach agus a chòmhlan ri'n cluinntinn aig Speyfest air 3 Lùnastal, agus air a' 4mh bidh iad anns na h-Ironworks ann an Inbhir Nis. 